Augsburg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Baile neo-eisimeileachd | ||||
Sgìre | Bayern | ||||
Co-chomharran | 48° 22′ T 10° 54′ E | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 146.93 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 264,708 (2010) | ||||
Dlùths | 1,801.59/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)821 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.augsburg.de |
‘S e baile mòr ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann an Augsburg (Eadailtis: Augusta, Frangais: Augsbourg, Laideann: Augusta Vindelicorum). ‘S ann às na Vindelici, treubh Ceilteach neo Liburnianach a bha nan tàmh san sgìre ro àm nan Ròmanach a th'ann an t-ainm is chaidh am baile a stèidheachadh ann am 15 BC le Tiberius. Tha e suidhichte aig 485m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Lech, anns an stàit Bayern. Tha am baile 494km air falbh bho Bherlin (Prìomh-bhaile na dùthcha), 57km bho Mhünchen, 132km bho Stuttgart, 67km bho Ulm agus 198km bho Heidelberg. Tha Augsburg am broinn na sgìre Schwaben. Tha 264,708 duine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e an 3 baile na stàite, an 24mh baile nas motha na dùthcha agus an treas baile as aosda (an dèidh Trier agus Neuss). Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an 1970.